bardachd: (Default)
2012-05-31 12:28 am

Curaidhean / Heroes - Somhairle MacGill-eain

Chan fhaca mi Lannes aig Ratasbon
no MacFill-Fhinnein aig Allt Eire
no Gill-Iosa aig Cuil-Lodair,
ach chunnaic mi Sassanach 'san Eiphit.

Fear beag le gruaidhean pluiceach
is gluinean a'bleith a cheile,
aodann guireanach gun tlachd ann-
comhdach an spioraid bu treine.

Cha robh buaidh air''san tigh-osda
'n am nan dorn a bhith 'gan dunadh',
ach leoghann e ri uchd a'chatha,
anns na frasan guineach mugach.

Thainig uair-sin lis na sligean
leis na spealgan-iaruinn bearnach,
anns an toit is anns an lasair,
ann an crith is maoim na h-araich.

Thainig fios dha 'san fhrois pheileir
e bhith gu spreigearra 'na dhiulnach:
is b' e sin fhad 's a mhair e,
ach cha b'fhada fhuair e dh'uine )
bardachd: (Default)
2010-09-02 10:30 pm

MacLean: Rinn mi luaidh...

Rinn mi luaidh air àilleachd t' aodainn
an dè 's an diugh, cha tric ach daonnan;
's nì mi luaidh air àilleachd t' anama
's cha chan am bàs gur h-e an arraghloir.


I spoke of the beauty of your face
yesterday and today, not often but always;
and I will speak of the beauty of your spirit
and death will not say it is idle talk.


-Somhairle MacGill-Eain